The church and the highlands



Download 1.31 Mb.
Page61/61
Date08.12.2018
Size1.31 Mb.
1   ...   53   54   55   56   57   58   59   60   61

1 Isle of my heart: Isle of my love Where monks have chanted, kine shall rove. But ere the day of doom shall be Thy glories shall return to thee.

P. E.

làithean bhliadhnaichean eile

Càite no c'uin a thachair an ni 'tha mi 'dol a dh'innse cha dana leam a bhi bruidhinn air anns an sgìreachd so. Thachair e'm bad-eigin deas air Lathurna, agus an iar air fearann cnapach Chòmh-uil. Tha'n àite 'n cois na mara. Tha e eadar dà abhainn, agus fa chomhair na grein-mhaidne— tuilleadh 'us sin cumaidh mi m'òrdag air. 'Nuair a thainig mi 'n toiseach air an àite an deigh mo thurus do'n Fhraing, agus tigh m' athar a cur suas toit chàirdeil am measg na feàrna aig lùib na slighe, mar a mharcaich mi air m' adhart, cha b'ann air fàilte no furan a bha mi 'smaoineachadh ach air sgeula Ealasaid Ghoirid agus an Duin-uasail g'un ainm. Chuir mi mo smig ri athar agus ghàir mi gus na mhag mactalla nan cnoc orm. Is diomhair obair inntinn an duine, gur ann an uair bu chòir a chridhe 'bhi làn molaidh agus taingealachd a thigeadh smaointean faoin na cheann a bheireadh air sìneadh air cireasail ghàireachdaich coltach ri amadan. An so bha mis' aig àrd-dorus mo thighe fèin (ann an seadh), an deigh sè bliadhna airsnealach a chur seachad am measg thuaighean-cogaidh, agus chlaidh ean coimheach air son na chumadh lite 'us sùgradh rium, an t-seann loch a logradh a steach air na clacha-beaga-muile, agus an dà abhainn a co-chòrdadh le'n crònan àrd os cionn ceileireadh nan eun, agus fàile cùbhraidh nan lusan gorm a cur mo chinn na thuainealaich mar gu'n deanadh deathach buideal darach Nantach, toilichte, toilichte gu cridhe gu robh mi na m' àite fèin, maille ri m' mhuinntir fèin, agus gidheadh se sgeulachd fhaoin agus nithe neo-gheimnidh a b'aon obair do m'inntinn.

'Se chuir mi air an raon mheòraehaidh ud sealladh air balla lios an Duin-uasail aig taobh an rathaid, le riasg tiugh agus tioram air a mhullach, agus a'roineach a tighinn a mach a cuaich eadar na clachan tioram.

"Tha mo Dhuin-uasal air siubhal," thubhairt mi rium fèin ; " làn cleibh a chnamhan fo'n fhòd, le ghaol, 'sa mhacmeamna agus an còrr dhe sin, agus an so cha'n eil ach beagan atharrachaidh, an so tha'n t-seann lionadh 'us tràghadh air cladach fhearainn, an t-uisge-loth a sgaoileadh mu'n cuairt do na craobhan a chuir e, a' raon gorm mathach cho beothail fo'n ladhar agus a bha e 'nuair a bha 'chuaran bonnanta fèin a 'g imeachd air, agus an uair a b'urrainn dha ainmeachadh air fèin na h-uile mart a chitheadh a shùil."

Agus an sin chuimhnich mi air a chluich ri Ealasaid Ghoirid agus ghàir mi fad ceathramh math na h-uaireadair Fhrangach agam, agus mo ghearran a bearradh an fheòir ri fàl na slighe.

Is e m'athair (sith dha) a dhinnis dhomhsa an naigheachd, le uibhir air a chumail air ais dhi agus a bha freagarrach do fhear sgeul' innse aig bruidh­inn am measg mhnathan agus chloinne, agus cha b'ann gus an robh mi fada gu leòir o m' àite fèin, agus teine 'champa ga m' chumail na m' dhuisg a thainig mìr an duine do'n sgeula do m' ionnsaidh.

Agus so mar a bha.

Uair air latha 'bha sud san Earrach, chaidh mo Dhuin-uasal a ghabhail seallaidh de fhearann, gach achadh-a-steach, achadh-a-mach, tuaith, earrann croit 'us baile. Bu mhac e do mhac an duine a dh'aithnicheadh Albainn gu lèir ainm, agus nach di-chuimhnich an Sasunnach reamhar ann an cabh­aig. Cnuachdaire stalcanta, e gu math lionta o chùlaibh, agus osan dà-fhillte air calpa cho cuimte


400 Làithean Bhliadhnaichean eile

'sa sgeudaich sgian-dhubh riamh. Bha e car lachd-unn na dhreach, agus beagan a bhreacadh na bric na aodann (agus sin agad iùl dhuit air). Bha mala chorrach, peirceall dur, ach sùil bhlàth mnà air ùr phòsadh aige. Co aca 'b 'ann air son 'ainm no' inbhe, no air son a shùil agus facal aoibheil a bheòil, tha e cruaidh ra innse, ach bha ainm lasgaire aig' anns na tri sgìreachdan, agus mar so 'n uair a rach­adh atharaichean gu fèill le'n nigheanan theireadh iad: " Air 'ar casan a nigheanan; gabhaidh sinn an rathad cùil; so agaibh C'ainm-so-e a tighinn."

Air an latha so bha gaoth ùrar fhallain far na mara a seideadh air aodann an Duin-uasail gus na thionndaidh fhuil o bhainne gu mear shal. Dh' fhairich e faileadh na feamainn, agus a chonais, chrath e air ais a ghuailean, agus shaoil leis e fèin mar fear-siubhal-cuain le iùbhrach mar a shaoghal agus 'ailm fo achlais. Air gach taobh thuit a shùil air fhonn fèin, air gach òb a bha'g itheadh a steach gu domhain an taobh a chnocan fèin, air mointich 'us beinn, air a choille thiugh ghiuthais, agus gach coire lan phreasan, agus ceileireadh nan eun, bailtean agus àitean fàsail, raointean arbhair agus fraoch, an earb a mireag agus an coilleach dubh gu màirn­ealach a crathadh a sgiathan a null an t-slighe. Bha shàilteansan a breabadh an rathaid, a chridhe 'g at 's a seinn, feithean an spàirn aig cruachan, glùin, 'us uilinn, agus mar so shaoil leis e fèin mar Fhionn-Mac-Cholla.

'Se so fonn a tha duine tha na dhuine fo dhà fhichead bliadhna a gabhail an tràth so's a rithist. Ghabh mi fèin e 'nuair a bha bhliadhna òg 's a ghrian soileir. Aon uair bha e agam air latha aig Lutsen, 'nuair a bha slachdadh le deadh chlaidh-eamh-mòr troimh dhùirn 'us uchdeididh mar sgiùr­sadh bhuaghallan.

Anns an t-saod so mata, thainig an t-aon sin air am beil mi bruidhinn do'n bhaile, agus direach aig an oir a mach, feuch bha maighdean òg a stailceadh phlangaidean ann am ballan, a cota crioslaichte oirre mar fhèileadh agus is gann a bha cobhar an t-siabuinn na bu gile na gliùnean. Bha a cùlaibh ri mo Dhuin-uasal, agus bha e fagus dhi mu'n tug i' naire dha. Tharraing e 'bhoineid car a nios air aghaidh 'chum dearsadh na grèine a chumail 0 shùilean, agus sheall e le iongnadh car tiota air cumadh bòidheach na gruagaich chuachach, agus soilse a cuaileain donn clannach mar gu'm bitheadh e air oibreachadh le cìr-òir na gruagaich. Bha i seinn luineag òrain luaidh ann an guth caoin, binn, ann an Gaidhlig bhochd Sgitheanach.

" 'Se so cogireach air ùr thighinn, ge be co i," thubhairt e ris fèin, oir bha uaill air gu'm b'aithne dha gach nighean air fhearann, agus aon diubh cha robh cho àrd no cho eireachdail ris an t-aon so a bha stambadh phlangaidean's a bhallan. An sin thog e fonn an òrain gu cridheil, agus thionndaidh ise mu'n cuairt ann an cabhaig na'n cabhag.

'Nuair a chunnaic i co bh'aice bha i thiota 'mach as a' bhallan, agus chaidh a' casan am fallach.

" Ho, ho !" thubhairt mo Dhuin-uasal, " Is tusa 'n te ghrinn. Cha'n eil na boireannaich an so cho fior mhàlda riutsa. Cha'n ann de m' chinneadh thu m' eudail." Agus chuir e tolg eile na bhoineid, agus chuir e bhreacan na b'fhaide suas air a' ghualainn, 's theann e suas ri taobh na gruagaich.

" Cha'n ann," ars' ise, car geur, " S dòcha gu bheil mi do shiol na's pongaile. Ann an Dùthaich-Mhic Leòid tha na fir a mach aig an t-sealg sa bheinn 'nuair 'tha na mnathan a nigheadh phlan­gaidean ".

" Seadh, m' aon sgiambach 's bochd an càil ma tha gach sgliàrach coltach riutsa."

" Sgliùrach!" thubhairt a mhaighdean 'sa h-aghaidh a 'g at. "Sgliùrach a dhuine!"

" Maitheanas, mo ghràdh! Thubhairt mi 'facal mu faca mi sealladh air t-aghaidh. Bheir mi mo mhionnan air stàilinn nach robh sgliùrach riamh's an teaghlach o'm bheil thu mach." Agus thug an lasgaire seòlta dheth a bhoineid mar gu'm bitheadh e na sheasamh fa chomhair maighdean Fhrangach.

"Tha m' aodann," ars' a' mhaighdean, mar a rinn Dia e, ach tha mi 'm barail gu'n robh 'm Fear-ud-Eile fagus a laimh aig deanamh d'fhirsa." Thoisich i air tarruing a' bhallain le 'leth-laimh gu cùl an tighe, i car duilich gu robh a' briathran a mach a òrdugh. Bha e fabharach nach robh cainnt de'n t-seòrs' ud a riamh na mheadhon air dragh a chur air faoineis mo Dhuin-uasal, agus ghàir e ris an fhreagairt a thug i air.

"Mata, gu fìrinneach is sgoinneil thu fèin co dhiù," thubhairt esan, agus e cur air a' bhoineid. "Agus is mise 'bha gorm 'n uair thubhairt mi na thubhairt mi. Is mise an Duin-ud-Eile."

" Bha fhios agam air sin." Ars' ise.

" Cionnas ?" dh'fheòraich esan.

"Le d' oilean Duin-uasail," thubhairt ise. "Ghiùlaineadh duine cumanta am ballan air ais maille riumsa."

" Ach "

"'Se Ach a b'ainm do'n mhadadh bu bhochd bh'aig Fionn," thubhairt a' mhaighdean, 's i seas­amh suas direach gu dual de falt a chur air cùl cluaise 'bh'air chumadh slige.

"Ciod a choire 'bh'air a' mhadadh?" dh' fheòraich mo Dhuin-uasal, 'sa shuilean a ruith eadar lag cùl-a'-h-amaich agus a' bilean.

" Bu chuilean gu'n oilean e." " Gu de an seadh, a luaidh ?" "Ann an droch sheadh."

" Geur, geur ! 'S ban-Sgitheanach thu cuinteach gu leòr. Am faod mi fhoighneachd ciod is ainm do'n choigreach shnasail so do m' dhùthaich ?"

"Do dhùthaich-sa, shair, tha iad a toirt cliù dhuit-sa agus do d'chinneadh air son iomadh mìr fearainn nach robh riamh air a chosnadh le claidh­eamh no còmhrag." Agus a steach an tigh ghabh a' mhaighdean gùn tuilleadh suim a ghabhail de.

Sios an rathad ghabh mo Dhuin-uasal ann am breislich ghoirt ach a beachd-smuaineachadh gu cruaidh.

'S e tuathanach a cheud neach a thachair air. "Co tha sud shuas aig tigh na drochaid?" dh'­fheòraich e agus e gabhail grèum air breacan an tuathanaich.

Tharraing an duine 'nuas a' mhailghean agus sheall e suas an rathad. Bha e faicilleach na nàdur, "An ne freagradh 'tha dhith ort no an fhèrinn ?"

" Freagair gu h-ealamh a dhuine!"

" 'S an tigh laimh ris an drochaid ?"

" Seadh, seadh a stallachdaire!"

"Stad mata, 's e bantrach Phòil Ruaidh a bhitheas ann."

Bha frionas air mo Dhuin-uasal ris an duine. "Bantrach Phòil Euaidh! Shaoil leam gu'n do chaochail i sin aig a Bhealltainn."

" Tha sin mar sin, tha sin mar sin! Cha b'
urrainn mi smaoineachadh air aon eile, oir bha
mi air mo chur mu'n cuairt mu agh a "

"Co i a' mhaighdean, a bhlaomastair?"

"M' anam fhin, a chinn-chinnidh, cha bhruidhinn 'tha dhith ort ach fiosrachadh. Tha thu cialla­chadh an te dhonn le na sùilean, i car caol mu'n mheadhon ?"

" Cha'n eil i o Gallothaobh theid mi'n urras a thaobh a cumaidh, ach tha i stailceadh phlang­aidean ann am ballan, agus na's fheàrr cha'n fhaca mi riamh am measg phlangaidean."

" Ah, ah! bu chòir dhuitsa bhi nad' bhreith-eamh air 'sin, ach tha 'n te so ro fhada tuath air son mo thighearna. Tha i a Dunbheagan. Cha sgliùrach i theid mi 'n urras. 'Se Ealasaid is ainm di, agus tha i so a toirt an aire do Iseabail bheag a bean-chinnidh."

" Ealasaid, Ealasaid, air in' fhìrinn's ainm, mi-thuairmeasach e," thubhairt mo Dhuin-uasal, 's e tionndadh, 'sa gabhail sios gu crois a' bhaill 's e cur char de'n ainm na bheul.

Mar a bha'n naidheachd aig m' athair (sìth dha) air an ath latha, a mach ghabh an Duin-uasal as an tigh le buidheann dhaoine tapaidh aig a shàil. Bhitheadh a ghille-coise ann, a ghille-mòr gu giùlan a chlaidheamh agus a sgèithe, a ghille-cois-fhliuch gu bhi ga thoirt tioram thar aibhnichean, a bhladaire, a phiobaire, 's a bhàird, leis na gillean-ruith a bhuineadh dhoibh. An sin bhitheadh esan 's a mheadhon le bhreacan-seilg air, agus a stàilinn a gliongan. Bha gille a ghille-choise a giùlan ciosan chalman, a tigh nan calman air son tiodhlac do'n mhaighdean Sgitheanach. 'Nuair a ràinig iad oir a' bhaile, chaidh aon do na gillean-ruith a steach do thigh na drochaid, agus thubhairt e gu robh an Ceann-cinnidh air son briudhinn rithe.

" Seadh," thubhairt a mhaighdean's i bualadh a coise air an ùrlar chriatha, " chuireadh e 'mi-mhodh so 'n gèill dhomhsa, ban-choigreach, nach bu dana leis air a bheatha 'chur an gèill do bhean de

Làithean Bhliadhnaichean eile 405

chinneadh fèin. Mucan, mucan, mucan! chuala mi iomradh oirbh. A mach a so a ghille-coise, agus iarr air tadhal far am beil fir a choinnicheas e."

A dh'ionnsaidh mo Dhuin-uasal ghabh an gille le aghaidh dhearg.

" Seadh a dhuine, ciod a thubhairt i ?" dh'feòr-aich am Priomh fhear.

" Nach robh i riomhach gu leòir gu seasamh fa chomhair mo thighearna " fhreagair an gille.

"Ah, ah! bean, bean! so am fear do'n aithne iad, duth, donn, dearg no buidhe. Tha iad uile iomagaineach air son dealbh na truaille 'nuair tha neach a mhain cùramach gu de'n stuth a tà faobhar a' chlaidheamh. Thoir dhomhsa na calmain agus thig thusa leamsa 'bhladaire a chur facal oirre."

Chaidh mo Dhuin-uasal agus a bhlaidire chum an doruis, a fagail chàich air an rathad, agus bhuail an Duin-uasal a chòmhla le gob airgiod na daga 'bha na làimh.

Bha mhaighdean a ceartachadh a gruaige, agus bràisd do dheadh chumadh aig a h-amhaicb.

"Thig 'stigh," ghlaodh i, agus chaidh iad 'a steach. Bha i na h-aonar oir bha a' bhean a bha tinn ann an rùm eile.

" So dhuit, mo leanabh," thubhairt am bladaire 's e cur nan eun air a bhòrd.

" Cha'n eil càil agam do nithe cho solta," thubh­airt a nighean car ealamh. "Calmain tighe agus suirghe gealtaire—dà rud is miosa."

" O'n Cheann-chiunidh," ars' am bladaire, ga cur na faireachadh.

"Cha cheann-cinnidh dhomhsa e a bhodaich, tha 'ar Cinn-chinnidh-ne aig an tigh, ach an uair 'tha iad aig cogadh, agus cuiridh iad an cuid ghillean air theachdaireachd."

Bha mo Dhuin-uasal na sheasamh mìr beag 'o

Q

'n cùlaibh, a làmh-chlì air a chruachan, a làmh-dheas ri chliathaich le bhoineid's le dhaga.

" Ud-ud, a nighean," thubhairt e, " tha thu car gearrtach le d' theanga air son muinntir Earraghai­dheal. An urrainn duin-uasal càraid no dhà eun a thoirt dhuit gun an trod so ?"

"Dh'àraich mnathan Mhicleòid an còmhnuidh an eòin fèin, agus bha mnathan Mhicleòid an còmhnuidh ainmeil air son an sùilean geur air fithich."

" Geur, geur 's ann 'o thaobh an iar an Eileain thu cuinteach gu leòr. Cha robh uam ach pòg, a leannain."

" Da rireadh, tha mi duilich gu bheil mo bhean-chinnidh cho tinn. Tha i sean gu leòr's cha bhi i ro-churamach, oir is aithne dhi cionnas a chumas tu do bheul air son na pòige. Fàg na calmain, ma thogras tu, agus innsidh mise dhi do theachdair­eachd."

" Am Fear-ud !" ghlaodh mo Dhuin-uasal. "Tha thu gàireachdaich rium. 'Smath a dh' fhaodte gu bheil fear 'sa bhaile do'n tug thu gaol. Thoir an aire, a bhean-uasal, c'àite 'us co a phòsas tu, oir faodaidh gu'm bi thu leamsa air na h-uile cor. An aithne dhuit mo sheasamh sa sgìreachd so ? Tha còir priosain, croich, 's na ceud oidhche agam."

"Na'm bithinnsa ann an dùthaich duin-uasail theirinn gu robh còir mnatha agam, agus sin a chum a chuid a bh'fhearr agus urram fir, ach 's e glaodh fad' o fhearann còir Dhùthaich Mhicleòid e, agus iomadh treubh eadarainn."

Thionndaidh mo Dhuin-uasal mu'n cuairt agus 'dhachaidh ghabh e an dion chorruich, air a rathad cruaidh fèin, thairis air a dhìgean fèin, sa droch­aidean fèin; agus dh'òl e fion dearg na cuaiche gu tuiteam na h-oidhche. An sin chaidh e sios leis fèin coltach ri duine cumanta gun ite na bhoineid, agus a bhreacan air a dhruim, ach cha do ghabh Ealasaid, a bhan-Sgitheanach suim de fheadair-eachd.

Gaidheal.

(Ri leantainn.)

AR RIGH RO CHRIONNA

An uair a bha an Righ Eideard an Marienbad o chian began mìosan, chaidh e a stigh do'n chathair-easbuig. B'e air latha-breith na h-Iompaire a rinn

e seo.

An uair a bha an Sagart a' togail suas na Sàcra­maid, rinn an Righ seasamh.

Tha iad ag ràdh a nis gu'n d'rinn e seo gus a bhi thaitneach do na Phrotestanaich ; ach, gu bheil is fearr a bhi thaitneach do Dhia na taitneach do dhaoine.




Share with your friends:
1   ...   53   54   55   56   57   58   59   60   61


The database is protected by copyright ©sckool.org 2019
send message

    Main page