The church and the highlands



Download 1.31 Mb.
Page21/61
Date08.12.2018
Size1.31 Mb.
1   ...   17   18   19   20   21   22   23   24   ...   61

AN TUIL

Ri gaoith' is uisge, bha abhainn ann a thàinig roimh 'n chamhanaich as an dùthaich ard, gharbh, a tha thar thall a' mhonaidh.

Chaidh i seach air dorus seann duin* a bh' ann. Bha i 'gearan's a' talach mar a dh' fhalbh roimpe.

" Tog ort! " agus ioc dhomh na bheil agam ort!" ars' an abhainn. "'S gailbheach an uair a th' ann. Cha' n fhaca mi riamh a shamhuil air olcas. Tha sgìos orm, agus tha mi sgìth air dol air aineol. Leig a's tigh mi! Leig a's tigh mi! "

" Ciod tha uaith ? " ars' an seann duine.

"O'n thàinig mi dhachaidh gus an àm seo, mhothaich mi a' ghaoth fhuar 's an uisge. Leig leam! Na bi rium! Cha 'n 'eil dad agam air do shon."

Ghabh an abhainn leum mhòr, agus bhuail i an dorus. Bha acras is fearg oirre ; agus bha an duine seann, lag, agus làn eagail.

" Is beag orm fuaim na gaoithe fuaire. Is fuar a' ghaoth à tuath. Is dubhach fuaim nan uisgeachan a tha 'ruith ann. 'S gun aire dhomh uamhann na h-oidhche," ars' an seann duine. " 'Abhainn ! carson a tha sibh ag iarraidh m'aimhleis ? "

Ghabh an abhainn leum mhòr, agus bhuail i a chasan.

" Bithidh mi dol a bhualadh do chridhe an ceann tacain," ars' an abhainn. "Ged a tha thu seann, bochd, is lag, tha thu ann ad dhuine, gun amharus. Tha beatha uam. 'S e feòil duin' a tha mi ag iarraidh."

"Bheir mise dhuit e cho luath 's is urrain domh. Ged is fhearr a bhi marbh na bhi ann," ars' an duine, " is cianail m'aigne ; oir is cruaidh leam do mhiann. Mo thruaighe ! Mo thruaighe !"

Ghabh an abhainn leum mhòr, agus bhuail i a leisean.

" Bithidh mi dol a bhualadh do bheul an ceann tacain," ars' an abhainn. "Tha mise is frasan dubh nan stiallan ag iarraidh do bheatha an oidhche seo."

" 'Abhainn gun acarachd ! " ars' an duine.

"De is àill leat ? Gheibh thu sin is mò, ma tha e'm chomas; ach caomhain thu mise. Tha mi seann is bochd, ach bithidh agad gach ni a th' agam ma chaoineas thu mi."

Ghabh an abhainn leum mhòr, agus bhuail i a bheul.

" A Dhuine gun inntinn, gun fhoghlum !" ars ise. " Is gòrach thu. An saoil tu gu'n fuasglaidh

1   ...   17   18   19   20   21   22   23   24   ...   61


The database is protected by copyright ©sckool.org 2019
send message

    Main page